Dè tha thu a'smaoineachadh?
Ma tha thu neo-chomasach, an sin tha coirichean agad. Feumaidh an luchd-sgoile agad meas a thoirt ris na coirichean agad agus a dh'fheuch ri cuideachadh a thoirt dhut.
An robh fios agad?
Bitihidh an lagh ag agairt gu bheil na smaoineachas tu cudthromach. Feumaidh do phàrantan, do thidsearan is daoine eile èisdeachd ris na tha agad ri ràdh mu rudan anns an sgoil.
Ma tha do Mhathair no d'Athair, no duine sam bith eile a choimheadas as do dhèidh, a'cur romhpa rudeigin cudthromach mun fhoghlum agad, feumaidh iad foighnichd dhut gu dè tha am barail agad.
Ceistean a chuireas pàrantan ort, 's docha
Cò an sgoil ris am bu toigh leat a dhol? Am bu toigh leat foghlum chreideamh fhaighinn san sgoil? A bheil feum agad air barrachd chuideachadh sam bith san sgoil? Dè seòrsa chuideachaidh a bharrachd a bhitheadh a b'fheàrr dhut? Am bu toigh leat a dhol air a'chuairt sgoile?
San Sgoil
Feumaidh Ceannard na Sgoile, tidsear a'chlas agad agus daoine eile san sgoil agad èisdeachd ri na smaoineachas tu mun fhoghlum agad.
'S docha am bu toigh leat innseadh don luchd-sgoile agad ...
Gu dè cuspairean a tha thu airson dèanamh?
Ma tha thu a'smaoineachadh gu bheil dìth agad air barrachd cuideachadh san sgoil; gu dè na dòighean as fheàrr a chuideachas tu ri ionnsachadh 's ri tuigsinn rudan.
Faodaidh tu cuideachd innseadh don luchd-sgoile agad gu dè tha thu a'smaoineachadh mu ...
- shàrachadh san sgoil;
- leabhar-làimh na sgoile;
- plànaichean ri chloinn neo-chomasach a ghabhail a-steach don sgoil;
- plànaichean ri chloinn neo-chomasach a chuideachadh leis an obair aca san sgoil;
- rud sam bith eile a'buintinn don sgoil am bu toigh leat a ràdh.
Nach eil duine ag èisdeachd riut?
Mur eil duine ag èisdeachd ri na tha thu ag ràdh, faodaidh tu cuideachadh fhaighinn. Faodaidh tu innseadh do phàrantan, no do thidsear, no do chuideigin eile san sgoil, a dh'fhaodas do chuideachadh.
Ann am feadhainn de na sgoiltean, tha comhairle nan sgoilear far a dh'fhaodas clan a ràdh ciamar a bu choir dhaibh a bhith a'riaghladh na sgoile aca. Mur eil tè san sgoil agad, faodaidh tu foighneachd mu chuideachadh ri tè a thòisicheadh.
Faodaidh tu tuilleadh fiosrachaidh is comhairle fhaighinn air a fòn no air lion. Tha barrachd mìon-phuingean air an duilleag 'sa chùl.