Cuidich mi! Tha mi air mo Shàrachadh

Cuidich mi! Tha mi air mo Shàrachadh

A bheil rudeigin agad a ràdh?

Feumaidh do phàrantan is do thidsearan stad 's èisdeachd riut.

Dè seòrsa rud a tha ann an sàrachadh?

Faodar gur e sàrachadh na h-uile seòrsa rudan eadar-dhealaichte. Chan ann dìreach a'tachairt san sgoil nas motha a tha e. Tha sàrachadh ann uireannan nuair a bhuaileas no a bhreabas cuideigin ort. Uaireannan, sann nuair a mhagas daoine ort no nuair a ghabhas iad rudan a tha leat-sa. Uaireannan sann nuair nach bhruidhinneas duine sam bith riut no nach bi iad nad chàraid. Faodar gur e sàrachadh na h-uile rud sin.

Dè am faod mi dèanamh ma dheidhinn?

Bithidh an lagh ag agairt gum bu choir dhut a dhèanamh cinnteach gu bheil eòlas aig an luchd-sgoile agad gu bheil thu air do shàrachadh agus cò tha ga dhèanamh. Dèan seo cho luath is urrainn dhut.

Cò dhà am faod mi innis seo?

Faodaidh tu bruidhinn ri duine sam bith anns an sgoil as toil leat. Faodaidh tu ga innseadh do Cheannard na Sgoile no do thidsear a'chlas no do thidsear eile a tha a'còrdadh riut.

Mas fhèarr leat, faodaidh tu iarr air do phàrantan, no air chuideigin eile, a dh'innseadh seo don luchd-sgoile air do shon-sa; no faodaidh tu iarr air chuideigin a dhol còmhla riut nuair a dh'iarras tu bruidhinn ris an luchd-sgoile.

Dè nì an luchd-sgoile?

Feumaidh an luchd-sgoile a dhèanamh cinnteach gu bheil thu sàbhailte bho chunnart sam bith anns an sgoil. Tha sinn a'toirt a-steach sàrachadh. Faodaidh sàrachadh a bhith a'milleadh an obair-sgoile agad. Uaireannan, chan eil an comas aig chloinn a thatar an sàrachadh ri co-chruinnich sa'chlas. Feumaidh an luchd-sgoile barrachd chuideachaidh a thoirt dhut ma tha feum agad air.

Sann a'feuchainn ri stad a chur air sàrachadh an dòigh as fhèarr a dh'fhaodas an luchd-sgoile do chuideachadh.

Poileasaidh an Aghaidh Shàrachaidh

Tha poileasaidh an aghaidh shàrachaidh aig a'mhòr-chuid de na sgoiltean. Innsidh seo dhut na nì iad a dh'fheuchainn stad a chur air sàrachadh. Faodaidh tu iarr airson leth-bhreac dheth, mur eil fear agad mu cheana.

Dè thachras mur an urrainn don luchd-sgoile agam ri mo chuideachadh?

An tòiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air innseadh a h-uile rud mu'n sàrachadh don luchd-sgoile agus cò tha ga dhèanamh ort. Mur an urrainn dhaibh fhathast do chuideachadh, chan fheum thu a dhol don sgoil nam bitheadh e ro chunnartach. An tòiseach, bu choir dhut bruidhinn mu dhèidhinn seo ri do phòrantan. A bharrachd air sin, faodaidh tu barrachd chomhairle no fiosrachaidh mu shàrachadh a fhaighinn. Tha tuilleadh mion-phuingean ri fhaotainn air an duilleag sa'chul.