Neo-chomasach agus tu san an sgoil

Neo-chomasach agus tu san an sgoil

Tha coirichean daonna aig chloinn agus aig daoine òga san sgoil cuideachd.

A bheil neo-chomas agam?

'S ann a'buintinn do thorr dhaoine eadar-dhealaichte a tha neo-chomas. Chan e dìreach daoine ann an càthair-cuibhle aig a bheil neo-chomas. Dh'fhaodar a bhith na duilgheadasan le lèirsinn no le clàistinn. Dh'fhaodar a bhith duilgheadasan le chainnt no le ionnsachadh no ann an tuigsinn rudan. Dh'fhaodar a h-uile seòrsa duilgheadas a bhios aig daoine na neo-chomas. Tha neo-chomas de sheòrsa sam bith aig aon duine a-mach a seachd.

Dè am bu choir don luchd-sgoile agam a dhèanamh?

Ma tha thu neo-chomasach, an sin chan fheum an luchd-sgoile a bhith a 'dèiligeadh riut ann an dòigh nas miosa na sgoilearan eile air sgàth an neo-chomais agad.

Mar eisimplir, cha rachadh stad a chur ort bho gabhail phàirt ann an clasaichean mar is àbhaist, no ann an cuairtean-sgoile no ann an gluasadan air sgàth neo-chomais.

'S docha gum feum an luchd-sgoile beagan atharraichean a dhèanamh ris an dòigh àbhaisteach aca ma chuideachas seo thu san sgoil.

Mar eisimpleir, 's docha gum feum thu barrachd ùine ri d'obair dachaigh a dhèanamh, no ri crìoch a chur air deuchainnean sa "chlas".

'S docha gum feum thu a ghabhail a-steach dhan taigh-bheag aig an luchd-sgoile no 's docha gum feum na leasan agad gu bhith an cumail ann an clasaichean air an t-ùrlar.

Dè mur an tachair e?

Ma tha thu a'smaoineachadh gu bheil an luchd-sgoile agad air a dhèiligeadh riut gu dona air sgàth 's gu bheil thu neo-chomasach no chan eil an luchd-sgoile air atharraichean a dhèanamh ri do chuideachadh, faodaidh tu iarr air Rèitichear. 'S e Rèitichear duine a chuideachas thu agus an luchd-sgoile ri aontachadh gu dè bu choir a bhith tachairt an uairsin. Ri barrachd fhaighinn a-mach, cuir fios gu Ughdarras Coirichean Daoine Neo-Chomasach (seall air an duilleig sa 'chùl airson mìon-phuingean).

Plànaichean-Sgoile

Feumaidh plàna a bhith air gach sgoil air ciamar a chuideachas iad sgoilearan aig a bheil neo-chomas leis an obair-sgoile agus air ciamar a nì iad nas fhuarasda dhaibh ri dhol mun cuairt na sgoile. Cuideachd, feumaidh am plàna a ràdh ciamar a chuideachas an luchd-sgoile sgoilearan aig a bheil neo-chomas ri rudan a bhios sgrìobhte; mar is àbhaist, a thuigsinn.

Faodaidh tu innseadh don luchd-sgoile gu dè bhios tu a'smaoineachadh a bu choir a bhith sa phlàna agus faodaidh tu iarr orra cuideachd airson leth-bhric ann am fuirm a bhios tu a'tuigsinn.

Airson tuilleadh comhairle no fiosrachaidh, seall air an duilleag 'sa chùl far a bhios mìon-phuingean.