Coirichean daonna san sgoil

Coirichean daonna san sgoil

Tha coirichean daonna aig chloinn agus aig daoine òga san sgoil cuideachd.

Dè th'ann na Coirichean Daonna?

'S e coirichean daonna rudan a bu choir a bhith aig a h-uile daoine, ge b'e cè, a rèir an lagha. Cloinne is daoine òga cuideachd. Tha sin a'ciallachadh.

Cuideachd, tha feadhainn coirichean daonna ann do chloinn fon aois 18 a-mhàin. Tha feadhainn coirichean daonna ann a'buintinn do rudan a thachras san sgoil.

Coirichean Daonna san Sgoil

Tha coir agad ri dhol don sgoil. Bu choir don luchd-sgoile èisdeachd riut agus meas a thoirt air do bharail. Bu choir don luchd-sgoile meas a thoirt air do chreideamh, is do chultar. Ma tha thu neo-chomasach, bu choir don luchd-sgoile feuch ri do chuideachadh a bhith nas neo-eisimeileiche. Cha bu choir don luchd-sgoile agad dèiligeadh riut ann an dòigh nas miosa na sgoilearan eile, direach a chionns gu bheil thu neo-chomasach.

Ma tha, dìreach a chionns gu bheil thu neo-chomasach.

Ma thèid do smachdachadh, cha bu choir don smachd a bhith air a dhèanamh leis am miann ri chur sìos ort no ri do mhaslachadh.

Ma ghabhas tidsear rud bhuat a tha leatsa, bu choir dhaibh ga thoirt air ais dhut as dèidh na sgoile, ach gu bheil e cunnartach no an aghaidh an lagha.

Chan fheum thu innseadh don luchd-sgoile rud a tha pearsanta no rùnach, mur eil thu deònach. Ma dh'innseas tu rud pearsanta no rùnach don luchd-sgoile agad, bu choir dhaibh ga chumail mar rùn, mar is àbhaist.

Bu choir dhut ùine fhaighinn san sgoil ri tàmh a ghabhail is ri cluich. Cha bu choir feum a bhith agad ri obair-sgoile a dhèanamh rè àma-chluiche agus rè diathaid.

Gun Choirichean Dhaonna san Sgoil?

Ma tha thu a'smaoineachadh nach eil an luchd-sgoile agad a dèanamh na bu choir dhaibh no nach eil iad a'dèanamh rud a bu choir dhaibh, faodaidh tu seo innseadh do phàrantan no do thidsear no do chuideigin eile a dh'fhaodas do chuideachadh.

Ann an cùisean cudthromach, 's docha gum feum thu comhairle laghail. Ma tha thu aig a'cheart aois, faodaidh tu fear-lagha fhaighinn dhut fhèin ('s docha gu bheil seo an asgaidh) no foighnich do phàrantan.

Faodaidh tu tuilleadh fiosrachaidh agus comhairle fhaighinn air a fòn no air lìon. Tha barrachd mìon-phuingean ri fhaotainn air an duilleig sa'chùl.