A feum mi dhol dhan sgoil?

A feum mi dhol dhan sgoil?

Tha am billeag-fiosrachaidh seo a toirt dhuit na freagairtean.

Chan eil a h-uile duine a dol dhan sgoil

Faodaidh a h-uile leanadh eadar aois 5 agus 16 a dhol dhan sgoil, ach chan eil a h-uile leanabh air an oideachadh anns an sgoil.

Tha cuid a chlann nach eil gu math agus a tha air an oideachadh anns an ospadal. Tha clann eile a tha a faighinn oideachadh bho pàrant aig an taigh.

Tha e un urra ri do phàrantan ciamar a thèid d'oideachadh ach bu chor dhaibh èisdeachd ri do bheachdan-sa cuideachd.

De mur a bheil mi ag iarraidh a dhol dhan sgoil?

Ma tha do phàrantan ag iarraidh ort a dhol dhan sgoil, feumaidh tu dhol ann. Ma tha thu ag iarraidh an sgoil fhàgail agus a bhith air d'oideachadh aig an taigh, feumaidh tu an toiseach cead fhaighinn bhon chomhairlie.

Mur a bheil thu a dol dhan sgoil agus nach eil deagh adhbhar ann dh'fhaodadh tu fhein agus do phàrantan a bhith ann an trioblaid.

A-rèir an lagh tha e ceart gu leòr laithean a chall anns an sgoil ma tha deagh adhbhar agad. Seo eisimpleirean de deagh adhbhar.

  • Ma tha thus bochd;
  • Ma se agus nach d'thàinig bus na sgoil dha d'iarraidh;
  • Ma tha fèis sònraichte a dol air adhart anns a chreideamh agad;
  • Ma tha banais neo tiodhlacadh anns an teaghlach agad;
  • Ma tha thu aig an dotair neo aig fear nam fiaclan.

Chan e deagh adhbhar a th'ann gu bheil thu air bhith air do chuir a-mach as an sgoil.

Chan e deagh adhbhar a th'ann a bharrachd làithean a chall anns an sgoil air sgath's gu bheil thu air làithean-saor còmhla ri do theaghlach.

Ma tha thu a call an sgoil gun deagh adhbhar, 's docha gu feum thu dhol air beulaibh Panail na Cloinne airson innse dhaibh carson nach eil thu dol dhal sgoil. Faodaidh Panail na Cloinne faighneachd dhan Roinn Sòisealta cuideachadh ann a bhith a' deanamh cinnteach gu bheil thu dol dhan sgoil. 'S doch' gu feum na pàrantan agad cuideachd dhol dhan chùirt airson mìneachadh carson nach eil thu dol dhan sgoil.

Ma tha barrachd comhairlie neo fiosrachadh a dhith ort, seall ris an duilleag-chùil.