Cuidich mi! Chaidh mo chuir a-mach as an sgoil
Ma chaidh do chuir a-mach as an sgoil, tha còirichean agad fhathast. Tha am billeag fiosrachaidh seo a mìneachadh na còirichean a tha sin.
De tha e a ciallachadh chaidh do chuir a-mach as an sgoil?
Ma chaidh do chuir a-mach as an sgoil, tha sin a ciallachadh nach fhaod thu dhol dhan sgoil tuilleadh. Uaireannan, tha e caillachadh nach fhaod cudeigin a dhol dhan sgoil airson lath' neo dhà. Uaireannan eile, tha e a ciallachadh nach fhaod cudeigin a dhol air ais dhan sgoil idir.
Am faod an sgoil mo chuir a-mach?
Than an lagh ag radh gu faod an sgoil do chuir a-mach ma tha thu fhein:
- neo do phàrantan a' briseadh riaghaltean na sgoil neo ma tha iad a ceadachadh dhuit na riaghaltean a bhriseadh; neo
- nam bitheadh e a ciallachadh gu robh e nas duilghe dha clann eile ionnsachadh 's tusa anns an sgoil agus nam bitheadh thusa ag adhbhrachadh buaireadh.
De mu dheidhinn mo chuid-foghlam?
Ged a chaidh do chuir a-mach as an sgoil, tha còir agad fhathast foghlam fhaighinn.
Tha e an urra ri do phàrantan agus a chomhairle deanamh cinnteach gu bheil thu fhathast a faighinn foghlam.
'S docha gun tèid do chuir gu sgoil eile, fiu's airson ùine ghoirid.
A bharrachd air a seo, thèid foghlam a chuir air dòigh dhuit aid an taigh agad, aig leabharlann neo ann an àit' eile a tha freagarrach.
Ma tha Record of Needs agad, bu chor dhuit fhathast faighinn an cuideachadh a bharrachd a tha dhith ort ged a chaidh do chuir a-mach as an sgoil.
De 's urainn dhomh a dheanamh mu dheidhinn?
Ma tha thu den bheachd nach robh e ceart gun deach do chuir a-mach as an sgoil, faodaidh ti tagradh a dheanamh na aghaidh. Tha seo a ciallachadh gu faod thu faighneachd dha comataidh an co-dhùnadh a rinn an sgoil atharrachadh.
Ma tha thu a dol an aghaidh comataidh na tagraidhean, faodaidh tu faighneachd dha cùirt co-dhùnadh an sgoil atharrachadh. Bu chor dhuit comhairle fhaighinn mas dean thu seo. Ma tha thu fo aois 16, faodaidh tu faighneachd dha do phàrantan tagradh a dheanamh as do leth.
Ma chaidh do chuir a-mach as an sgoil airson adhbhar a tha co-cheanagilt' ri ciorram, 's docha gun urainn dhuit faighneachd dhan cùirt do chuideachadh. Faodaidh tu cuideachd grèim fhaighinn air Coimisean Chòirichean luchd-ciorram air 08457 622 633 neo www.drc-gb.org.