A'Faighinn dhan sgoil
Ma tha an sgoil gu bheil thu dol fad' air falbh bhon taigh agad, 's docha gu bheil còir agad air còmhdhail airson do thoirt dhan sgoil gun cosgais sam bith dhuit fhein.
Dòighean faighinn dhan sgoil
Tha torr dòighean eadar-dhealaichte ann airson faighinn dhan sgoil. Tha cuid de dh'òigridh a coiseachd neo a dol dhan sgoil air baidhsagal agus tha cuid eile a dol ann ann an càr neo tacsaidh, trèana neo fiu's aiseig neo itealan.
A-rèir an lagh, ma tha thu fo aois ochd bliadhna bu chor dhuit a bhith deònach suas ri dà mhìle a choiseachd dhan sgoil. Ma tha thu nas sine, bu chor dhuit a bhith deònach coiseachd suas ri trì mìle. Bu chor dhan t-slighe a tha thu a gabhail dhan sgoil a bhith sàbhailte dhuit.
De ma tha mi a fuireach nas fhaide air falbh?
Ma tha thu a fuireach nas fhaide air falbh na sin, neo ma tha e cunnartach dhuit coiseachd dhan sgoil, 's docha gu feum an comhairle do chuideachadh.
Tha a chuid as motha de chlann a tha a cuir feum air cuideachadh càirt airson bus neo tréana neo tha iad a gabhail tacsaidh neo bus na sgoile. Ann an cuid de dh'àitean 's docha gu bheil thu a fuireach ro fhada air falbh bhon sgoil airson a bhith a siubhal ann gach latha. Tha àite-fuirich sònraichte aig cuid de sgoiltean far am faod sgoilearean fuireach troimh'n t-seachdainn.
De mar a faigh mi cuideachadh?
Chan eil a h-uile duine a faighinn cuideachadh le bhith siubhal dhan sgoil. Ma tha thu ann an sgoil eadar-dhealaichte air sgaths gu robh do pharantan ag iarraidh sin, 's docha nach eil còir agad còmhdhail fhaighinn dhan sgoil an nasgaidh. Bu chor dhuit comhairle fhaighinn mu dheidhinn seo.
Ma tha àitean a bharrachd air bus na sgoile neo carbad eile a thathar a cleachdadh airson faighinn dhan sgoil, feumaidh a' chomhairle na àitean seo a thairgse dha sgoilearean eile.
'S doch' nach fheum a' Chomhairle còmhdhail an asgaidh a thoirt dhuit dhan sgoil ach faodaidh tu faighneachd dhaibh am bitheadh iad deonach sin a dheanamh. Tha poileasaidh còmhdhail aig a mhòrchuid de chomhairlean agus chi thu bhon sin am bith iad deonach còmhdhail an asgaidh a thoirt dhuit.
Ma tha thu a smaoineachadh gum bu chor dhuit a bhith a faighinn còmhdhail dhan sgoil an asgaidh ach nach eil a chomhairle ag aontachadh ri seo, 's docha gun urrainn dhuit a dhol dhan chùirt agus toirt air a chomhairle smaoineachadh a rithist mun chùis. Tha an duilleag-chùil a toirt dhuit fiosrachadh a bharrachd.